Seann-Nòsan: Na Gàidheil An Albainn Nuaidh

From Nova Scotia Gaels themselves: the common traditions of Gaelic culture, separating pagentry from everyday-lived practices,



Le Lodaidh MacFhionghuin


Rùn a’ phàipeir

O shealladh an taobh a muigh tha iomadach seann-nòs againn an Albainn Nuaidh a dh’ abradh feadhainn “Albannach” no “Ceilteach”. Bidh luchd-turais a’ dèanamh chéilidhean air feadh na Roinne far am faic iad pìobairean le feileadh bheag air an sgeadachadh le aodaich rèisimeideach, luchd-ciùil a’ gabhail “òrain Cheiltich”, bùthan a’ reic “ealain Cheiltich” is iomadach rud eile mar seo.

Bidh daoin’ ás na coimhearsnachdan far a’ robh Gàidhlig air a bruidhinn, a’ chànain a bh’ aig a’ chiad Tìrichean Gàidhealach á Albainn, a’ dol do dh’ iomadh tachartas le tèama Albannaich no Cheiltich. Mar eisimpleir, bidh feadhainn a’ cumail air adhart na seann-nòsan oidhche Raibeart Burns is Naoimh Anndra. oidhcheanan le iomadach seann nòs a thàinig sìos thugainn o thraidisean nan Gall, na daoin’ a bha ‘fuireach an Albainn a deas. Bha seann nòsan ann nach robh cumanta no cleachte an Gàidhealtachd na h-Albann no na h-Albann Nuaidh nas motha. Ach an Albainn Nuaidh, ged a bhiodh iad nan Gàidheil no nach biodh, bhiodh daoin’ a’ cumail air adhart na seann nòsan seo is chì sinn gu bheil na seann-nòsan seo air an cumail fhathast.

‘S e rùn a’ phàipeir seo a bhith a’ cur sùil air na seann nòsan aig na Gàidheil air a bheil sinn eòlach. Troimh naidheachdan is beul-aithris bidh am pàipear seo a’ toirt dhuinn dealbh mhath air na seann nòsan a bha cudthromach dha na Gàidheil an aghaidh na rudan ris a dh’ abradh feadhainn “Albannach” no “Ceilteach”. Chì sinn na bha cudthromach dha na Gàidheil anns na faclan aca-fhéin.

Calum Cille Is Naomh Anndra

Ged a tha fios aig móran gur e Naomh Anndra “Naomh na h-Albann” chan eil fios aig móran nach do chuir e cas riamh air tìr na h-Albann no carson a tha e na Naomh na h-Albann nas motha.

Tha iad an dùil gura b’ e iasgair a bh’ ann an Naomh Anndra an Gàlileadh còmhla ris a bhràthair na bu shine Sìm Peadair (Naomh Peadair). Thàinig an dithist a bhith nan luchd-leanmhuinn de dh’ Iosa Criosda, neach-stèidheachaidh de ‘n chreideamh Chriosdail. Thathar a smaoineachadh gu robh Naomh Anndra an urra ri beachdan a’ Chreideamh Chriosdail a sgaoileadh troimh Àisia Bheag agus A’ Ghrèig. Tha seann-nòs a’cur a’ chinn gun deach Naomh Anndra a cheusadh ri làimh nan Romanach am Patras, A’ Ghrèig a deas. Tha e air ràdhainn gura b’ e an cruth crosgach dhe ‘n chrois seo an stéidh air a’ chrois Naoimh Anndra a tha ‘nochdadh air a’ Bhrataich Albannaich.

Chaidh cnàmhan Naoimh Anndra air an tìodhlacadh agus mu 300 bliadhna as deoghaidh sin chaidh an gluasadh air Iompaire Constantine (Am Mór) dhan Àrd Bhaile Ùr aige, Constantinople (a nist Istanbul an Tuirc). Tha a’ seann-sgeul a’ cur a’ chinn gura b’ e Manach Gréigeach (ged bha feadhainn a’ dèanamh tuairisgeul dhà mar chuidiche Éireannach Caluim Chille) ris a dh’ abradh iad Naomh Rule (no Naomh Regulus). Fhuair an Naomh seo rabhadh am bruadal a thoirt fuidhleachan Naoimh Anndra a b’ urrainn dhà do chrìochan an t-saoghail airson cùram a chumail orra. Rinn e seo. Bha Alba air iomallan an t-saoghail a bha eòlaichte aig an àm sin. Agus ‘s ann an Albainn a chaidh am bàta aige air a long-bhriseadh. Tha e air ràdhainn gun tàinig e gu tìr air tuineachadh Cruithneach air Còrsa an Ear na h-Albann. An greiseig, seo an t-àite ris a dh’ abradh iad Cille Rìmhinn (no Naomh Anndra). Is mar sin tha e air a ràdhainn gun do thòisich an ceangal eadar Naomh Anndra is Alba.

Ach, thàinig seann-nòs Naoimh Anndra do chladaichean Albainn Nuaidh cuideachd. Ach, carson? Ma chuireas sinn sùil air na naidheachdan aig na seann Ghàidheil á Albainn a thàinig gu Alba Nuadh chan eil sinn a’ faicinn no ‘cluinntinn rud sam bith mu dhéidhinn Naoimh Anndra anns a’ bheul aithris aca. Mura robh Naomh Anndra air inntinn nan seann Ghàidheil có bha na Naoimh air a robh iad ‘bruidhinn air? ‘Se Calum Cille an Naomh a bh’ aca.

Thàinig Calum Cille a dh’ Albainn ‘sa bhliadhna 563. Stéidhich e Manachainnean an iomadh àite air feadh na h-Albann. B’ e Calum Cille is a mhanaich a thug cànan nan Gàidheal do na Cruithnich is na Breatanais an Albainn a deas. Nuair a dh’ eug e ‘sa bhliadhna 597, bha e air a bhith cho fada gu deas ri Sasainn is thug e Criosdaidheachd do Bhrùd, Àrd Rìgh nan Cruithneach a bha ‘cumail smachd air Alba taobh an ear.

Troimh na linntean bha Calum Cille na Naomh nas ainmeile is nas cudthromaiche dha na Gàidheil an Albainn. Nuair a dh’ imrich iad, thug na Gàidheil a’ seann-nòs seo do dh’ Albainn Nuaidh.

Seo naidheachd bheag a bha air ìnnse le Aoghnas “Cù” Dòmhnallach nach maireann, á Màbu, Eilean Cheap Breatainn, Alba Nuadh, mu dhéidhinn Caluim Cille agus Mac Dhé.

“Uell, bha e fhéin ‘s a phiuthar a’ fuireach còmhla. Bha bail’ aca ‘s bha ‘ad ri tuathanachas. ‘S e samhradh uamhasach tioram a bh’ ann. Cha robh pioc uist’ a’ tighinn idir. Bha an gille mach a’ cur uist’ air a’ bhuntàt’ ‘s air a’ ghràn.

Ach thànaig Mac Dhé dh’ ionnsaidh an taigh’. Tha fhios gu robh fhios aig Mac Dhé glé mhath far a’ robh fear an taigh’. Dh’ fhoighneachd e, “Càit’ a’ robh e?” ‘S thuirt i, “Tha e mach a’ cur uist’ air a’ ghràn ‘s air a’ bhuntàta.”

“O, gur h-ann tha e ri sin”, thuirt e, “’S e mairg nach do thilgeil e fhéin air trocair Dhé”, thuirt e.

Thug e spiolag as a’ chruinneachd ‘s, o, thilg e anns an t-similear e. Dh’ fhàs dias mór do chruinneachd suas…anns an t-similear measg an teine. A thuig i glé mhath gur e Mac Dhé a bh’ ann. “O”, thuirt e, “Bidh samhradh math ann ‘s bidh fàs math ann”.

Nuair a thànaig Naomh Calum Cille dhachaidh, thug e ’n aire dha’ n dias cruinneachd, is thuirt e, thuig e taghte gur e Mac Dhé a bha mun cuairt. “Fheumaidh mis’ a’ dol a dh’ iarraidh maitheanas air”.

Dh’ fhalbh e as a dheaghaidh agus bha e…an Naomh Calum Cille, bha e reamhar. Bha e ‘faighinn pull, bha e ruith ‘s bha Mac Dhé mu dhà uair a’ coiseachd a’ sin.

Ach, bha fhios aig Mac Dhé gu robh e ‘tighinn agus bha e ‘gabhail air a shocair…Cha robh e ‘beireachd e air idir ‘s chaidh e far a’ robh dotair ‘s fhuair e pàirt dha ‘n bhlonag a thoirt…reamharachd a bh’ air a thoirt dheth. Bha e ‘ruith na bu luaith’ an uair sin ‘s rug e air Mac Dhé. Tha fhios gu robh fhios aig Mac Dhé gu robh e ‘tighinn ‘s bha e ‘gabhail air a shocair.

Agus dh’ iarr e maitheanas air ‘s thuirt e (Mac Dhé) ris, “Gheobh thu sin”, thuirt e, “’s dur a bhios tu dol air ais, bheir leat do bhlonag. “Cuir fo ‘ad e“, thuirt e, agus ‘s a’ mhadainn tog an ad dheth…’s bidh cinn’each”, thuirt e, “gu faigh thu a h-uile pioc dhe’ n bhlonag.”

Ach chuir esan (Calum Cille) a’ bhlonag fo ‘n ad. ‘S dur a dhùisg e anns a’ mhadainn, thog e e ‘s bha tòrr do dh’uirceannan beaga, bòidheach’ ann. Dh’ fhoighneachd a phiuthar dhà, “Dé as a dh’ éirich na h- uirceannan?”

“O, fear do ‘n fheadhainn a thàinig mun cuairt ‘s chum e fhéin fear”.

Ach bha e ‘dèanadh a mach nach d’ fhuair e ‘bhlonag uile, ‘s chaidh e air ais dha ‘n aon searbhant’ ‘s thuirt e, “Cha d’ fhuair mis’ a’ bhlonag uile”, thuirt e.

“O, uell, cha d’ fhuair. Chum mise pios beag dhi. Thug i dha ‘m pios ‘s chaidh e dhachaidh chuir e sin fo ‘n ad. ‘S a’ mhadainn thog e ‘n ad ‘s bha tòrr do radain ann. “Shin an dòigh a thàinig na radain ‘s na h-uirceannan” Na radain tha ‘ad ag éirigh air meirl’ ‘s goid riamh bhuaithe sin, an deaghaidh dhi ‘s a’ bhlonag a ghoid…Thilg e ‘n ad as deaghaidh nan radan, ‘s thionndaidh ‘n ad ‘na cat. Tha ‘n cat as deaghaidh nan radan riamh bhuaithe sin.” (air recòrdadh le Iain Seathach is Seumas Watson, an t-Sultain, 2000 – air a sgrìobhadh sios le Seumas Watson agus air a chur an cló anns a’ Bhràighe, an Geamhradh, 2002)

Seo naidheachd bheag eile mu dhéidhinn Chaluim Cill’ o Mhìcheal mac Bean Nìlleig, Ruairidh, Eòin a’ Phlant á Sanndraidh, Eilean Cheap Breatainn, Alba Nuadh.

Ach bha trup eil’ ann. Bha fear ris an canadh ‘ad Calum Cille. Chuala tu an t-ainm Calum Cille? (Chuala)

Chì thu e, mar ‘s trice, anns na h-eaglaisean ud.

Bha e, o, ‘na dhuine saoghaltach. Bha a h-uile sgàth aige. Cha robh dad a dhìth air.

‘S thànaig Criosd’ a’ latha bha seo gu taigh a mhàthar. Bha esan amuigh ‘s dé bha a’ dianamh (a’ dèanamh) ach cuir uiste air na gàrraidhean aige ‘s an tioramachd ann ‘s gun sìon a’ fàs.

Chaidh Dia astaigh ‘s bha similear mór ann. Uell, boireannach…a mhàthair, màthair Chaluim Chille, bha i ‘cur air dòigh biadh – còcaireachd.

Thànaig esan astaigh. O, bha e gu math cabhagach, tha fhios agad. Cha robh e airson duine sam bith a bhi ‘s a’ rathad air tàilleabh a h-uile sìon a bha e ‘dianamh air a bhi a’ toirt trioblaid dha.

“Dé tha thu ‘dianamh?” thuirt Dia.

“Tha mi a’ cuir uist’,” os’ esan, “air a’ ghàrradh,” os’ esan. “Tha an tioramachd ann. Loisgidh i h-uile sgàth.”

“Dh’ éirich Crìosda ‘s thug e pìos dha ‘n taois a bha ‘n té ‘ile ‘fuine. Bha tein ‘s an taigh aca ‘s teine mór a bha ‘s an t-similear. Ghabh e dha ‘n t-similear ‘s chaith an taois astaigh dha ‘n t-similear ann a’ sin. Start a’ chruinneachd a’ fàs bho ‘n taois.

“Chan eil an tioramachd”, os’ Esan, “a’ dianamh sgàth do dhiobhar air a’ sin. Mo chorp a tha sin”. (air a recòrdadh is a sgrìobhadh sìos le Seumas Watson is a chur ann an cló, anns a’ Bhràighe, An Geamhradh, 1998)

Tha an dà naidheachd bheag seo ‘sealltainn dhuinn gu robh Calum Cille glé dhlùth do na Gàidheil bho thùs. Ach, tha e follaiseach troimh bheul-aithris nan Gàidheal an Albainn Nuaidh gur e Calum Cille, amach Crìosda, Moire agus Dia-fhéin, an duine nas naomhaiche is nas ainmeile cuideachd. Bha e ‘n dùil gu robh e mar gum biodh e na Naomh dlùth-chàirdeal do na Gàidheil. Is mar sin, tha e ‘nochdadh am beul-aithris Gàidhlig gu tric.

Ach an diugh fhéin bidh daoine, mura bi ‘ad nan Gàidheil no nach bi ‘mothachadh Là Féille Anndra. Is chan eil móran air fhàgail mu dhéidhinn Chaluim Cille ach na naidheachdan ‘sa bheul-aithris. Carson? Tha D. Charles Dunn a’ toirt dhuinn tuairisgeul mhath dhe ‘n dol sios na Gàidhlig anns na Linntean Meadhonach anns a leabhar, “The Highland Settler”. Seo na bha e ‘g ràdhainn mu dhéidhinn a’ chuspair:

“Scotland once knew a flourishing Gaelic civilization. In the sixth century on the island of Iona in the remote Hebrides, St. Columba initiated missionary and educational enterprises for which the area subsequently became widely renowned. Architects, sculptors, metal-workers, jewelers, weavers, musicians and poets sprang up from the Gaelic colonists who gradually spread over Scotland.

When Queen Margaret began to Anglicize Scotland in the eleventh century, however, Gaelic culture was uprooted in the Lowlands.”

‘S e Ban-rìgh Mairead (1043-1097) a chur toiseach air taisdealan a Chille Rìmhinn, an Albainn mar a tha e air ainmeachadh ‘sa Ghàidhlig an diugh. Cha b’ e Gàidheal a bh’ innte. Agus ged a bha i pòsda aig Calum “Ceann Mór” a Trì (1031-1093). B’ e Gàidheal a bh’ ann an Calum, ach leig e rithe rudan ùra a thaobh chreideimh a thoirt astaigh do dh’ Albainn.

Gheobh sibh air a’ làrach-lìn “Famous Scots” am pìos a tha leantainn:

Margaret introduced English customs and language into the Scottish court and church procedures but she never learned Gaelic, which was spoken by a substantial number of Scots at that time. (www.rampantscotland.com - Famous Scots)

Tha Raghnall Mac’Ille Dhuibh ‘san artaigeal aige “Andrew: Scotland’s Spurious Saint” a’ cumail a mach nach robh móran aig na Gàidheil bho thùs mu dhéidhinn Naoimh Anndra. Tha e ‘dèanamh soilleir nach robh ann ach dà phìos anns a’ Charmina Gadelica a chruinnich Alasdair Mac’Ille Mhìcheil mu dhéidhinn Naoimh Anndra;

Mil fo thalamh;
Brisgean earraich,
Mil is annlan
Omhan samhraidh,
Mil is conail
Curral foghair,
Mil is cnamhsachd
Cnòthan geamhraidh
Eadar Féill Anndrais
Agus Nollaig

An darna phìos;

Latha Féill Mìcheil,
Latha Féill Màirt,
Latha Féill Anndrais,
Bann na Bàidh,
Latha Fhéill Brìghde,
Latha mo luaidh,
Tilg an nimhir sìos dha ‘n cuan,
Feuch an dèan e slugadh suas


Aig crìoch an artaigeil aige, tha Mac’Ille Dhuibh a’ toirt mar ùghdarras, fear Mr. Towil leis an St. Andrew Press, tha Towil a’ taisbeanadh “We cannot emphasise often enough that Jesus’ disciple, Andrew of Bethsaida, never had the faintest connection with Scotland”…”was never chosen as patron by the Scottish people but was rather forced upon them as part of a propaganda drive to enhance the prestige of the new bishopric of St. Andrew’s…Perhaps it is some lingering folk memory that this saint was a late arrival, or a suspicion that he had been imposed upon them that has made Scots much less mindful of their patron than the Irish or the Welsh…Andrew is not sung about in pubs…Around the saint’s day, 30th November, our clergy preach a few sermons, not usually of very high quality, in which Andrew’s character is somehow likened to that of the typical Scot…it is mainly the Scots’ brethren overseas who remember St. Andrew’s Day”.


Tha Mac’Ille Dhuibh ag ràdhainn cuideachd gu robh an t-ainm Anndra glé ainmeil anns a’ Ghalltachd, is chì sinn na h-ainmean ainmeil a thug a neach co-ainm dhuinn; St. Andrew Square, Andrew Carnegie, Andy Stewart is Am Prionnsa Andrew is mar sin air adhart. Ach, nam b’ e Anndra an t-ainm a dh’ abradh iad ribh ás an t-saoghal Ghàidhealach, chuireadh iad ribh e mar Ghille Anndrais no Ghille Ainndreis ‘sa Ghàidhealtachd.

Co-dhiubh no co-dheth, thigeadh Naomh Anndra air a bhith an Naomh ùr airson nan Albannach. Bha na Goill a’ toirt suathalas do Naomh Anndra o àm Ban Rìgh Mairead air adhart.

Faodaidh a ràdhainn o chionn ‘s gun deach a’ Ghàidhlig sios an Albainn is Albainn Nuaidh, chan eil móran daoine, tric na Gàidheil fhéin glé eòlach air Calum Cille is air an àite air an d’ thug e gréim ‘san t-saoghal Ghàidhealach. Tha e follaiseach gur e sin is coireach gum bi móran dhaoine, ged a bhiodh iad gan ainmeachadh fhéin mar “Ghàidheil”, a’ dol do Fhéille Naoimh Anndra gach bliadhna.

Maragan Is Taigeis

Tha maragan air an dèanamh an Albainn Nuaidh gus a’ là an diugh. Thàinig am biadh seo leis na Gàidheil bho chionn còrr is dà chiad bliadhna. ‘S e spiosradh, min-choirce agus geir a th’ anns na maragan. Tha maragan gheala is dhubha ann. Tha fuil anns na maragan dhubha. Sin an diofair eadar an dithist mharag. Bhiodh na Gàidheil gan còcaireachd is gan ithe aig àm na bracaist le uighean, aran is càise. (féin fhiosrachadh aig an Uchdar a’ fàs suas an Siorramachd Antaiginis, Alba Nuadh) Bhiodh feadhainn gan ithe mar phàirt dhe ‘n t-suipeir. Tha maragan cumanta gu leór an Albainn is Albainn Nuaidh gus a’ là an diugh agus tha maragan gu math Gàidhealach.

Tha taigeis ann cuideachd. Tha e ‘n dùil gun d’ thàinig a’ facal “taigeis” o chànan nan Lochlannach a thàinig gu Alba bho chionn còrr is mìle bliadhna. Tha e ‘ciallachadh rud-aiginn air a ghèarradh. Bha taigeis air a dhèanamh an Albainn is Albainn Nuaidh cuideachd.

Dé tha anns an taigeis? Feumaidh poc’ chaora a bhith ann. Cuiridh sibh astaigh ‘sa phoca grùthan, crìdhe, mairt-fheòil le bhlonaig, uinneanan, min-choirce, le salann agus piobar. Tha móran a’ smaoineachadh gu bheil taigeis glé bhlasda cuideachd. Is bidh feadhainn ga h-ithe mar thruinnsear an darna taobh le mairt-fheòil, bùntata, snèipean is currain.

Thàinig a’ seann-nòs thaigeis anall leis a’ chiad imrichean cuideachd. Ach, thàinig a’ seann-nòs thaigeis a staigh do phoibleachas m’ àm Bhan-Rìgh Bhioctoria (1819-1901). Aig an àm ud chaidh iomadach comunn air an stèidheachadh air feadh an t-saoghail airson a bhith a’ brosnachadh rudan “Albannach”; taigeis, breacanan agus ceòl na pìoba. Chan eil e glé shoillear ach cha robh an cleachdadh a bhith a’ pìobadh na taigeis is ga losgadh air oidhcheanan Raibeairt Burns no Naoimh Anndra na sheann-nòs Ghàidhealach bho thùs. Bho ‘n bheul-aithris faodaidh sinn faicinn gu robh na Gàidheil a’ coimhead air an taigeis mar bhiadh. Bhiodh iad ga h-ithe mar stàth.

Tha cuimhn’ aig Oighrig NicFhraing, ban-theagaisg aig Oilthigh Naoimh Fhransaidh Xavier, air Jessie Cosman á Màbu. ‘S e ban Chaimbeulach a bh’ innte mus do phòs i. ‘S ann an Nor’ East mar a dh’ abradh iad ris an àit’ am Margaraidh, a bha i, á Eilean Cheap Breatainn. ‘S ann am Màbu a bhiodh i ‘dèanamh taigeis anns an taigh aice. Bha is’ eòlach air na dòighean anns am biodh ‘ad a’ dèanamh taigeis. Bhiodh ‘ad a’ cumail gach pàirt dhen bheathach b’ urrainn dhaibh ithe is gan cur anns an taigeis.

Bha teaghlach Chaimbeul eile ann a’ Siudaic, Siorramachd Inbhirnis, Alba Nuadh a bhiodh a’ dèanamh taigeis cuideachd. Bhiodh ‘ad ga dhèanamh gu h-àraidh airson oidhche Raibeairt Burns. (còmhradh le Lester Caimbeul á Siudaic, Siorramachd Inbhirnis, Alba Nuadh, 2004)

Ged a chì sibh taigeis air a’ chairt-bìdh ‘s na taighean-òsda air a’ Ghàidhealtachd na h-Albann, chan eil e fhathast air a dhèanamh an taigh nan Gàidheal. An Albainn Nuaidh, ‘s urrainn dhuibh maragan a cheannachd fhathast ‘sa na margaidean móra. ‘S e “maragan Chamaron” a dh’ abradh iad riutha am margaidean an diugh. ‘S urrainn dhut taigeis a cheannachd aig àmannan sònraichte mar oidhche Raibeairt Burns is Naoimh Anndra. Ach, chan eil e glé chumanta ‘sa choimhearsnachd a bhith ag ithe taigeis troimh‘n bhliadhna.

A’ chéilidh

Bha a’ chéilidh gu math cudthromach dha na Gàidheil agus ‘s ann mar sin a tha e fhathast. Bhiodh feadhainn ‘sa choimhearsnachd a’ dol gu taigh àraid far am biodh na coimhearsnaich a’ cruinneachadh. Taighean-céilidh a dh’ abradh na Gàidheil riutha. Mhaireadh céilidhean eadhon anns na h-àiteachan far an do chaill iad a’ Ghàidhlig. Mar eisimpleir, ‘sna h-àiteachan seo, bhiodh cuimhn’ aig daoine air na seann daoin’ a’ cruinneachadh ri chéile is a’ cluich chairtean. Nuair a chailleadh iad làmh (de chairtean) bhiodh fear ag ràdhainn ris an taobh eile “faigheadh iad e”. (còmhradh le Cailean Mac An Tòisich á Bun na h-Aibhne Deas, Siorramachd Antaiginis, 1998)

Agus gu dé bhiodh anns a’ chéilidh? Mar a thuirt Griogair Mac A’ Ghobhainn ás a’ Ghut, nach maireann, “bha, dh’ fhaoite dà no trì fìdhlearan ann agus bha iad ag éirigh air dannsa’ ‘s a’ gabhail òrain is dh’ fhaoidte a’ gabhail drama beag is gu leór a dh’ itheadh iad”.

Bha feadhainn mun cuairt gu h-àraidh air Eilean Cheap Breatainn a bhiodh ag ìnnse sgeulachdan fhada. Bhiodh fear dhe na seann sheanachaidhean Calum “Mór” Dòmhnallach nach maireann á Inbhirnis a’ tadhal air taigh Dhanny MacFhionghuin is e ‘g ìnnse nan sgeulachdan fhada ‘sa Ghàidhlig. Bhiodh an Dòmhnallach a’ toirt dà uair a thìde is nach cuireadh e crìoch air a’ sgeòil. Thigeadh e oidhch’ eile is chuireadh e crìoch oirre. (còmhradh le Eós MacFhionghuin á Siorramachd Antaiginis a thaobh a bheatha an Inbhirnis nuair a bha e beag, 2003)

Na h-Òrain


Bha òrain glé chudthromach dha na Gàidheil is ‘s ann mar sin a tha iad gus a’ là an diugh an Albainn Nuaidh. Thug na Gàidheil iomadach òran o’ n t-seann dùthaich nuair a thàinig iad anall agus rinn iad iomadach òrain air an taobh seo. Bho chionn dà fhichead bliadhna bha e cumanta gu leòr a bhith a’ cluinntinn òrain Ghàidhlig a measg nan Gàidheal gu dé ‘n t-àite a bhiodh iad. Mar a tha Iain Seathach ag ràdhainn ‘sa leabhar aige “Brìgh An Òrain”, “Performers (Gaelic performers) emphasize that, until recently, songs were constantly present in the lives of the people. On the way past a homestead one often used to hear singing as they went about their chores outside, or when they sat down to catch their breath. People sang while bringing home cattle; women sang as they sat and knitted; a farmer could be heard singing alone over the noise of the tractor on his way up the mountain to cut spruce blocks; and at least one township recalled special songs sung while milking”. Tha seo ‘sealltuinn dhuinn gu robh òrain glé ainmeil ‘sa saoghal Gàidhealach bho thùs. Dh’ fhaoite ged nach biodh sibh a’ cluinntinn nan òran mar seo nas motha an Albainn Nuaidh mar a bha, faodaidh sibh cluinntinn òrain aig an luadh fhathast.

Tha an luadh air òrain Ghàidhlig a ghléidheadh a bha air an seinn an Albainn Nuaidh. Bha an luadh na phàirt shòisealta ‘san t-saoghal Ghàidhealach bho thùs. Bhiodh an luadh air a chleachdadh airson aodach a dhèanamh. Bhiodh na Gàidheil a’ toirt clóimh is ga bualadh air bòrd-luaidh is bhiodh iad ga crùbadh. Sheinneadh iad òrain a’ cumail tìm leis an obair a bhiodh iad a’ dèanamh. B’ e obair nam boireannach a bh’ ann an Albainn, ach an Albainn Nuaidh bhiodh araon boireannaich is fireannaich a’ cruinneachadh mun cuairt a’ bhùird luaidh. Leis na dòighean ùra dhen nuadhchumadh cha robh feum ann airson aodach a dhèanamh. Chum na Gàidheil air adhart leis an luaidh is dh’ fhan na h-òrain aca.

Bha òrain ann de gach seòrsa; gaol, seòladh, paraistean, piognaigean, gaisgich, beathaichean, poileataics, bàs, ‘dol air falbh is iomadh cuspair eile. (coimhead air “Gaelic Songs of Nova Scotia, Helen Creighton agus CIN MacLeòid) Ged tha ann òrain nach sheinneadh aig a’ bhòrd-luaidh, chuidich an luadh gu mór le a bhith a’ gléidheadh òrain a dh’ fhaodadh a bhith air an call.

Co-dhùnadh


‘Sa phàipear seo, chuir sinn sùil bheag air pàirt de dhualchas nan Gàidheal a bha is a tha fhathast aca an diugh-fhéin. Is mar sin bha sinn air faicinn feadhainn dhe na seann-nòsan a bha cudthromach dha na Gàidheil an Albainn Nuaidh. Thug iad a-nall iomadach seann-nòs leò o Albainn is ‘s ann leò fhéin a rinn iad feadhainn ùr cuideachd a bhos a’ seo.

Leis an t-sùim a th’ ann an diugh a thaobh rudan Ceilteach is an lorg airson dualchas na h-Albann an Albainn is Albainn Nuaidh, tha e iomchaidh agus freagarrach a bhith a’ toirt an air’ air na seann-nòsan a bh’ aig is th’ aig na Gàidheil an Albainn Nuaidh. Dhèanadh e feum mhór do dhuine sam bith a tha ‘lorg gu dé na fìor sheann nòsan a bh’ aig na Gàidheil bho thùs.

Tha na seann nòsan seo làn stòrais is tha ‘ad ann airson an fheadhainn sin a tha ‘g iarraidh sùil a chur air cultur agus cànan a tha fìor shean, ach a tha ‘toirt dhuinn brath gus a’ là an diugh. Leis an t-saoghal cho luath ‘s a th’ againn tha ‘ad a’ toirt dhuinn beatha, misneachd, toileachas agus ciall mhath a thaobh gu dé tha cudthromach am beatha; càirdeas, co-phàirteachadh, meas air nàduir, aoigheachd agus spòrs.

*Lewis MacKinnon (Le Lodaidh MacFhionghuin) is a member of the editorial board of Mac-Talla, annual Gaelic supplement of Shunpiking magazine published in association with the Gaelic Council of Nova Scotia


Comments to : shunpike@shunpiking.org Copyright New Media Services Inc. © 2006. The views expressed herein are the writers' own and do not necessarily reflect those of shunpiking magazine or New Media Publications. You may not alter or remove any trademark, copyright or other notice from copies of the content. Copyright of written and photographic and art work remains with the creators.