Am bu choir dhan a' Ghàidhlig a bhith na cànain oifigeil a dh' Albainn Nuaidh?

Am bu choir Alba Nuadh a bhith na cheithir cànaineach?

Le Lodaidh MacFhionghuin*


10, An t-Samhain, 2003

Thàinig a' chuid bu mhotha dhen t-sluagh aig an robh Gàidhlig anall a dh' Alba Nuadh bho chionn còrr is dà chiad bhliadhna. Dh' fhàg iad àiteachan le ainmean mar Bharraidh, Mhoideart, Mhòrar, Inbhirnis, Dhùnbheagan, Lochabar, Shanndraidh, Shrathghlais, is Ghleann Comhann. Dh' fhàg iad sinne le dìleab do na h-ainmean-àite seo a th' againn fhathast. ‘S ann ás na h-eileannan an iar agus ás a' Ghaidhealtachd air tìr mór na h-Albann a bha a' chuid bu mhotha de ‘n ciad tùsairean seo. Nuair a dh' fhàg iad Alba, cha robh còirichean sam bith aig a' chànain no a' chultar a bh' aca. Cha robh inbhe-oifigeil aig a' Ghàidhlig aig an àm a dh' fhàg iad is chan eil sinn aice fhathast. Cha do thuig, ‘s cha do bhruidhinn ach glé bheag dhen fheadhainn a dh' fhalbh a' Bheurla.

‘S urrainn dhà ràdhainn gu robh luchd na Gàidhlig (na Gàidheil an t-ainm a bh' ac' orra-fhéin) coltach ri ciad shluagh ann an Albainn Nuaidh. Thàinig iad is fhuair iad fearann is bha iad a' fuireach coltach ris an dòigh a bha iad ‘san t-seann-dùthaich. Dh' fhuirich iad ann am buidheannan a bha ‘n crochadh ris an creidimh agus priomh-thùs a' cloinn' a bh' ac' air ais ‘san t-seann-dùthaich. Mar sin, bha iad coltach ri sluagh dùthchasail. Nuair a thàinig iad gu Alba Nuadh an ear cha robh ann ach iad-fhéin agus na h-innseanaich anns a' chuid bu mhotha de na h-àiteachan. Agus anns a' bheul-aithris a th' againn mu dheidhinn na h-àm ud, fhuair iad air adhart còmhla gun thrioblaidean.

Aig an àm a thàinig na Gàidheil bha trì bhuidheann mhór eile ann; luchd nam Beurla, luchd nam Fraingis agus luchd nan Gearmailtis. Tha againn a nis còig sluaighean ann an Albainn Nuaidh aig an àm seo is cànain àraidh aig gach té dhiubh. Cha do thòisich seo atharrachadh móran gus toiseach an 20mh linn.

‘S an là an diugh, tha iomadh cànain air a bruidhinn ann an Albainn Nuaidh. Tha Fraingis air a bruidhinn le barrachd air 100,000 duine (cunntas sluaigh, Riaghaltas Chanada, 2001). Anns an àireamh seo tha barrachd air 10,000 duine aig a bheil Fraingis Acaideanach. Ged a tha inbhe-oifigeil aig a' Fhraingis air an ìre fheadarail. Tha a' Fhraingis aig na h-Acaideanaich coltach ris a' Ghàidhlig agus ris a h-uile mìon-chànain eile ann an Albainn Nuaidh anns nach eil inbhe-oifigeil aig té dhiubh.

As deoghaidh na Beurla agus na Fraingis, tha an t-Arabach an treas chànain nas cumanta anns an Àrd-bhaile, Halifags fhéin. Tha Gearmailtis air bruidhinn anns na siorramachdan mar Shelburne, Ghuysborough, agus Lunenburg (cunntas sluaigh Riaghaltais Chanada, 2001). Gu h-iongantach, tha sanasan ghnothaichean Ghearmailteach air an cur suas anns a' Ghearmailteis anns na Siorramachdan Antigonis, Ghuysborough, agus an eilean Cheap Breatainn air fad. Tha seo iongantach oir ‘s ann anns na h-àiteachan sin far an d' rinn luchd na Gàidhlig na dachaidhean aca an toiseach. Ged a tha iad ann, chan fhaic luchd-turais no céilichean móran sanasan anns a' Ghàidhlig air na sràidean is na rathaidean far a bheil na daoine aig an robh is aig a bheil a' Ghàidhlig a' fuireach an diugh. Tha seo inntinneach ann an dòigh nas fharsainge fhathast. Tha barrachd air 230,000 duine an Albainn Nuaidh aig a bheil sinnsearachd Ghàidhealach (Gàidhlig na h-Albann Nuaidh, Aithisg le Mìcheil Ceanadach, 2002). Tha a' chuid as motha dhiubh a' fuireach fhathast anns an siorramachdan Phictou, Antigonis, Ghuysborough, Inbhirnis, Cheap Breatainn, Richmond, agus Bhioctoria. Carson nach eil sanasan Gàidhlig anns na coimhearsnachdan aca? Ged nach eil ach glé bheag de dhaoine aig a bheil a' Ghàidhlig ás a' ghrunn seo b' urrainn dhuinn deasbad a dhèanamh gu bheil a' chuid as motha dhiubh glé eòlach air an dualchas aca. Ach chan eil sanasan rathaide no sràid' ach aon ghnùis de ‘n chuspair seo. Nuair a chailleas daoine earbs anns a' chànain, a' chultar, agus a' chuid ionannachd aca fhéin bidh e foilleasach nach e neo-làthaireachd do shanasan Gàidhlig ach aon de na comharraidhean air uachdar na cùis.

Chaidh gineal as deoghaidh gineal de na Gàidheil a thogail ann an Albainn Nuaidh gun chothrom sam bith a' chànain aca-fhéin ionnsachadh. Dh' ionnsaich iad a' Bheurla anns an sgoil (Còmhradh le Brìd NicDhùghaill, Halifags). Cha b' urrainn a' chuid bu mhotha dhe na Gàidheil a' leughadh no ‘sgrìobhadh anns a' chànain aca-fhéin. Tro 1930, cha robh pàrantan a' teasgag na Gàidhlig ris a' cloinn' aca anns na h-àiteachan far an robh a' chànain air a bruidhinn (Dr. Coinneach Nilsen, St. Francis Xavier University). Ann eisimplear m' athar, bhiodh a phàrantan a' bruidhinn ri ‘bhràithrean is a pheathraichean anns a' Ghàidhlig agus bhiodh iad gam freagairt anns a' Bheurla. Aig an àm seo, bha iomadh pàrant a' smaoineachadh gum biodh cothrom nas fheàrr aig a ‘chloinn aca nam bhiodh iad ag ionnsachadh na Beurla agus a' fàgail na Gàidhlig air an cùl (Còmhradh le Éos MacFhionghuin mu dhéidhinn dol sios na Gàidhlig an Albainn Nuaidh). Agus tha e ‘n dùil gur e dìth na Gàidhlig anns na tuineachaidhean air fad a chur a' chànain air rathad cugallach (Gàidhlig na h-Albann Nuaidh, aithisg le Mìcheil Ceannadach, 2002). Tha Ceanadach ag ràdhainn gun do dh' fheuch na Gàidheil-fhéin iomadh turas (ann an 1887, 1951, 1985 agus 1997) aire an riaghaltais a chur an sàs ann an cor na Gàidhlig. Ach cha d' rinn iad móran adhartais o chionn ‘s cha robh na h-ùghdarrasan ag éisteachd riutha. Cha robh ach glé bheag de dhaoine aig an robh buaidh a' smaoineachadh gu robh feum sam bith air a' Ghàidhlig aig na h-ammanan seo.

Chan eil e foilleasach gun do dh' atharraich am beachd seo a bha aig na h-ùghdarrasan ach dh' atharraich an lagh. Gu h-àraidh an lagh eadar-nàiseanta.

Anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh, bha e clàraichte gu robh 415 duine a thuirt gu robh a' Ghàidhlig a' chànain mhàthaireil aca. Ach, is cinnteach gu bheil ciadan eile aig bheil a' Ghàidhlig mar dharna chànain. Tha faclan, gnàths-chainnt agus cumhachdan còmhraidh aca ged nach eil a' chunntas-sluaigh ag ràdhainn sian mun deidhinn. Ach ann an dòigh chan eil na h-àireamhan seo ‘ciallachadh sian. Chan e àireamhan a tha ‘dèanamh deasbaireachd airson còirichean an t-sluaigh. Tha còirichean ann a chionn ‘s gu bheil daoine beò. Bu choir còirichean a bhiodh aca o chionn ‘s gu bheil iad ann, pàirt de dhaonnachd. Tha am foillseachadh nan Nàiseantan Aonaichte a' dèanamh seo glé shoilleir;

Artaigeal 1
1. States shall protect the existence and the national or ethnic, cultural, religious and linguistic identity of minorities within their respective territories and shall encourage conditions for the promotion of that identity.

2. States shall adopt appropriate legislative and other measures to achieve those ends.

(Cuir sùil air Declaration on the Rights of Persons Belonging to National or Ethnic, Religious or Linguistic Minorities, Na Nàiseantan Aonaichte, 1992).

Tha seo ‘bruidhinn mu dheidhinn stàitean coltach ri Canada. Agus tha Canada fad' air chùl a thaobh a' chuspair seo.

Tha feadhainn ag ràdhainn ma gheobh luchd na Gàidhlig inbhe-oifigeil bu choir a h-uile buidheann-cànain eil' a faighinn cuideachd. Uell, carson nach fhaigheadh? Co-dhiubh, a' chiad cheithir cànainean a bh' againn is a th' againn fhathast. Bhiodh sin na thoiseach tòiseachaidh, nach biodh? Dé bhiodh ceàrr air ceithir cànainean oifigeil' ann an Albainn Nuaidh? Dé bhiodh ceàrr air còig? An do chuir duine sam bith sùil air a' chuspair seo? An robh rannsachadh sam bith air a dhèanamh riamh? Ged a thàinig iad a-nall bho chionn ceithir ciad bliadhna chan eil còir sam bith aig na h-Acaideanaich a thaobh an cuid cànain aca-fhéin fhathast. Tha a' chànain acasan a' tuiteam fo Achda na Cànainean Oifigeile agus chan eil sin a' ciallachadh sian ann am mór-roinn mar Alba Nuadh far nach eil inbhe sam bith aig a' Fhraingis a bhios na h-Acaideanaich a' cleachdadh. Nach eil seo ag ìnnse dhuinn gum bu choir inbhe bhith ann.

Dé tha am freagairt airson na daoine aig a bheil Gàidhlig agus na daoine a tha ‘g iarraidh cothrom airson a' Ghàidhlig a dh' ionnsachadh agus seirbheisean anns a' chànain aca ‘sa là an diugh? Seo am freagairt. Am bu choir a' Ghàidhlig a bhith na cànain oifigeil ann an Albainn Nuaidh? Bu choir dà rìribh! Chan eil rathad sam bith eile ann. Airson bhliadhnaichean anis bha daoine làn mhisneach agus ghaol air a bhith ag obair airson a' chànain a chumail suas. Tha ‘chuid bu mhotha de na daoine seo ag obair nan saoir-thagraiche. Tha iad nan gaisgich móra ann ar measg airson na h-obrach a rinn iad is a tha iad a' dèanamh fhathast ri taobh a' Ghàidhlig. Ach gun Ghàidhlig anns na sgoiltean, anns na stèidhichtean agus air an ìre as àirde ‘s a ‘s urrainn dhi bhith anns a' choimhearsnachd air fad, bidh e uamhasach doirbh a' Ghàidhlig a chumail ris a' dol gu bàs.

Tha seo uile 'beantuinn air a' chuspair de phoileasaidh, reachdas agus inbhe fo lagh.

Gun phoileasaidh airson na Gàidhlig bidh a h-uile sian a' dol air adhart mar a bha e; gun sheòladh, gun cheann-uidhe. Ach tha poileasaidh ag ràdhainn rudaiginn mu dheidhinn reachdais. Gun reachdas a thaobh a' Ghàidhlig ag ràdhainn gum bu choir seo agus sin agus rudaiginn eile ‘ tachairt chan urrainn a' choimhearsnachd a bhith cinnteach gum bi cothroman, seirbheasan, is teagaisg ann. Agus bhiodh seo na taisbeanadh de na còirichean am bu choir a bhith aca. Ach, tha reachd fada nas fheàrr na poileasaidh. A thaobh poileasaidh a' chànain ‘s urrainn riaghaltasan atharrachadh. Ma dh' atharraicheas riaghaltas ‘s dòcha gun atharrachadh am poileasaidh còmhla riutha. Agus tha reachdas ag ràdhainn rudaiginn mu dhèidhinn còirichean shluaigh. Le reachdas tha e foilleasach gu bheil còir aig an t-sluagh airson taic fhaighinn ann an iomadach dòigh; taic-bheis, taic-airgeid agus taic-choimhearsnachd. Anns a' bhrìgh fhéin ‘se an t-aon rud a th' anns an reachd agus an lagh Tha seo ‘ciallachadh gu bheil luach aig a' choimhearsnachd air a' Ghàidhlig agus air cànainean eile cuideachd. Mar seo, bidh a' choimhearsnachd a' tuigsinn gu bheil seòrsa de dh' inbhe ann airson na Gàidhlig nach robh ann riamh roimhe anns a' mhór-roinn seo. Leis an inbhe seo, bidh rathad aig a' choimhearsnachd airson na rudan a tha iad a' smaoineachadh gur e cudthromach agus feumail dhaibh-p-fhéin fhaighinn.

Nach biodh Alba Nuadh cho adhartach anns an sùilean na Coimhearsnachd Eadar-Nàiseanta air fad ma ghabhadh i ri poileasaidh inbhe-oifigeil airson barrachd air dà chànain? Bhiodh Alba Nuadh na ceannard air a' chuspair seo ann an Aimeireaga á Tuath air fad. As deoghaidh bhliadhnaichean de strì, de mhealladh-dùil agus de thoirmeasg, bhiodh cothrom aig luchd na Gàidhlig agus mìon-chànainean eile còirichean ‘fhaighinn airson nan cànainean aca-fhéin. Agus barrachd air a' sin, bhiodh a' mhór-roinn a' toirt ceartas gu buil fo'n lagh Eadar-Nàiseanta. Dé bhiodh ceàrr air a' sin?

*Chomhairle na Gàidhlig, Alba Nuadh


Comments to : shunpike@shunpiking.org Copyright 2004 New Media Services Inc. The views expressed herein are the writers' own and do not necessarily reflect those of shunpiking magazine or New Media Publications. You may not alter or remove any trademark, copyright or other notice from copies of the content. Copyright of written and photographic and art work remains with the creators.